Skip to main content
Gleus brosnaichte

Dearbhadh d’ aithne air Mastodon

Gheibh duine sam bith dearbhadh an aithne air Mastodon. Tha seo stèidhichte air stannardan-lìn fosgailte agus bidh e saor ’s an-asgaidh gu bràth.

Math dha do phrìobhaideachd

Cha leig thu leas sgrìobhainnean a chur a-null gu àite sam bith is mar sin dheth chan eil cunnart gun dèid am foillseachadh.

Airson a h-uile duine

Cha leig thu leas a bhith cliùiteach mus fhaigh thu dearbhadh d’ aithne. Chan fheum thu ach làrach-lìn no duilleag-lìn.

Sgaoilte

Cha leig thu leas d’ earbsa a chur ann am prìomh-ùghdarras. Gabhaidh dearbhadh d’ aithne a sgrùdadh a làimh uair sam bith.

Chan eil bràiste gorm ann

Chan e ceist dearbhaidh no diùltaidh a tha san dearbh-aithne. Chan eil mòran ainmean àraidh air an t-saoghal co-dhiù is mar sin dheth, carson a gheibheadh an fheadhainn ainmeil a-mhàin dearbhadh? Aig Mastodon, chan eil sin an eisimeil air ainmean laghail no bràistean gorma. Bidh sinn an urra ri aithneachadh dhaoine a-rèir an làraichean-lìn ’na àite.

Seo mar a nì thu e

Cuir ceangal ris a’ phròifil Mastodon agad air an làrach-lìn no duilleag-lìn agad. ’S e a’ phàirt chudromach gum bi buadh rel="me" ris. Deasaich a’ phròifil Mastodon agad an uairsin is cuir seòladh na làraich-lìn no duilleige-lìn agad ann am fear de raointean na pròifil agad. Sàbhail a’ phròifil agad agus sin agad e!